Rabhadh bho Inbhean Malairt na h-Alba mu dheidhinn cleasan-meallaidh ceangailte ri saor-làithean ann an Alba.
Bha droch bhuaidh aig cleasan-meallaidh air tòrr luchd-siubhail an-uiridh – leithid sanasan air na meadhanan-sòisealta airson àitichean-fuirich nach robh ann an da-rìribh, làraichean-lìn fuadain agus lèirmheasan fuadain.
Mar sin, tha Inbhean Malairt na h-Alba air comhairle fhoillseachadh gus luchd-siubhail a bhrosnachadh a bhith sàbhailte agus faiceallach nuair a bhios iad a’ cur làithean-saora air dòigh am bliadhna.
Phàigh aon teaghlach faisg air £300 airson ceithir làithean ann am pàirc charabhanaichean ann an Siorrachd Àir an-uridh, às dèidh dhaibh sanas fhaicinn air Facebook. Nuair a nochd iad aig a’ phàirc, chaidh innse dhaibh nach ann leis an neach a dh’fhoillsich an sanas a bha an carabhan idir. Bha aca ri £500 a bharrachd a phàigheadh dhan phàirc fhèin gus àite-fuirich a ghlèidheadh aig a’ mhionaid mu dheireadh agus cha d’fhuair iad sgillinn air ais bhon neach meallta.

Seachnaich Cleasan-meallaidh
Bi faiceallach ma chì thu saor-làithean aig prìs ìosail air an sanasachadh air na meadhanan-sòisealta no ann am puist-dealain ris nach robh thu an dùil. Glè thric, bidh na sanasan seo ceangailte ri làraichean-lìn fuadain, a tha a’ coimhead coltach ri làraichean-lìn buidhnean turasachd oifigeil.
Ma chì thu sanas airson àite-fuirich, dèan beagan rannsachaidh. Cuir fòn no post-d chun a’ chompanaidh fhèin airson dearbhadh gu bheil an àite ri fhaighinn air a’ cheann-latha agus aig a phrìs a chaidh shanasachadh.
Mura h-eil thu eòlach air companaidh, dèan cinnteach gu bheil iad clàraichte le buidheann turasachd oifigeil leithid ABTA no Visit Scotland.
Tha e an-còmhnaidh nas sàbhailte a bhith a’ pàigheadh airson làithean-saora le cairt-creideis – bith thu air do dhìon ma thèid rudeigin ceàrr.
Cuiribh fios mu dheidhinn cleasan-meallaidh gu Advice Direct Scotland air 0808 164 6000 no aig: www.consumeradvice.scot. Cuiribh fios gu Poileas na h-Alba air 101 ma tha sibh air airgead a chall air sgàth foille.
Tuilleadh Fiosrachaidh
- Advice Direct Scotland (fiosrachadh mu na còraichean agad a thaobh siubhail is àiteachan-fuirich)
- ABTA (comhairle: mar a sheachnaicheas tu cleasan-meallaidh ceangailte ri saor-làithean)
- Which? (tuilleadh fiosrachaidh mu cleasan-meallaidh)